Festivals

Fèisean

Gaelic

Tha fèisean cianail fhèin cudromach do mhac an duine.

Bidh sinn uile a' comharrachadh làithean sònraichte nar beatha, agus nar coimhearsnachdan, eadar co–làithean–breith, bainnsean, cuirmean–ceumnachaidh, tìodhlacan is baistidhean , gun luaidh air àm na Nollaige, àm na Càisge, Oidhche Shamhna is eile. Bidh sinn uile a' tighinn còmhla agus a' dèanamh gàirdeachas iomadh turas gach bliadhna.

Tha fèilltean agus fèisean nas cudromaiche buileach do mhion–chànain mar Ghàidhlig air sgàth 's gum feum daoine a bhith a' tighinn còmhla airson am bruidhinn.

Dh'ionnsaich sinn beagan mu fhèisean, mu fhèilltean agus mu chuirmean–mòra ann am B1 Cuspair 13 , agus mu bhuidheann ris an canar Fèisean nan Gàidheal a tha air an t–uabhas a dhèanamh airson dualchas na Gàidhlig a chumail beò.

Bidh tòrr fhèisean a' tachairt air feadh na dùthcha an t–samhraidh, agus bidh daoine bho air feadh an t–saoghail a' tighinn chun nam fèisean.

Chùm na daoine a chaidh thar a' chuain dualchas na Gàidhlig beò san aon dòigh, tro fhèisean, tro chruinneachaidhean agus tron cheòl.

English

Festivals are terribly important to mankind.

We all mark special days in our lives, and in our communities, between birthdays, weddings, graduation ceremonies, funerals and baptisms, not to mention Christmastime, Easter–time, Halloween and others. We all come together and [rejoice] celebrate many times every year.

Feast (Holy) days and festivals are even more important to minority languages like Gaelic because people have to come together to speak them.

We learned a little about festivals, about feasts and about big occasions in B1 Cuspair 13 , and about the organisation called Fèisean nan Gàidheal which has done a great deal to keep Gaelic tradition alive.

Many fèisean take place throughout the country during the summer, and people from all over the world attend the fèisean.

The people who went across the ocean Gaelic tradition alive in the same way, through festivals, through gatherings and through (the) music.

comharraich! (v)
mark, celebrate
baisteadh (m)
baptism
a' comharrachadh (vn)
marking, celebrating
a' dèanamh gàirdeachas
celebrating, rejoicing
DÈ DO BHEACHD? | WHAT DO YOU THINK?
Dè an rud mu dheireadh a chomharraich thu?
What was the last thing you marked or celebrated?
Dè na fèilltean a bhios tu a' comharrachadh gach bliadhna?
Which festivals do you celebrate every year?
Am bi thu a' dèanamh rud mòr às do cho–là–breith–sa?
Do you do make a big thing of your birthday?
An deach thu gu cuirm–cheumnachaidh riamh?
Have you ever been to a graduation ceremony?
An deach do bhaisteadh?
Were you baptised?
Dè bhios tu a' dèanamh air Là na Nollaige?
What do you do on Christmas Day?